1. 1

    Julie Fowlis - Touch The Sky

  2. 2

    Julie Fowlis - Into The Open Air

  3. 3

    Julie Fowlis - Hùg Air A' Bhonaid Mhòir

  4. 4

    Julie Fowlis - 'Ille Dhuinn, 'S Toiigh Leam Thu

  5. 5

    Julie Fowlis - A Chatrion' Òg (Young Catriona)

  6. 6

    Julie Fowlis - A Mhic Dhùghaill 'Ic Ruairidh

  7. 7

    Julie Fowlis - Aoidh, Na Dèan Cadal Idir

  8. 8

    Julie Fowlis - Biodh An Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin

  9. 9

    Julie Fowlis - Bodachan Cha Phòs Mi

  10. 10

    Julie Fowlis - Bodaich Odhar Hoghaigearraidh

  11. 11

    Julie Fowlis - Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach

  12. 12

    Julie Fowlis - Brògan Ùr Agam A-Nochd

  13. 13

    Julie Fowlis - Cò Nì Mire Rium?

  14. 14

    Julie Fowlis - Hé Gràdh, Hò Gràdh

  15. 15

    Julie Fowlis - Hò Bha Mi, Hé Bha Mi (Hò I Was, Hè I Was)

  16. 16

    Julie Fowlis - M' Fhearann Saidhbhir

  17. 17

    Julie Fowlis - Mo Bheannnachd Dhan Bhàillidh Ùr

  18. 18

    Julie Fowlis - Mo Dhòmhnallan Fhèin

  19. 19

    Julie Fowlis - Mo Ghruagach Dhonn

  20. 20

    Julie Fowlis - Òganaich Uir a Rinn M' Fhàgail

  21. 21

    Julie Fowlis - Òran Nan Raiders

  22. 22

    Julie Fowlis - Puirt-a-beul Set

  23. 23

    Julie Fowlis - Rugadh Mi 'Teis Meadhan Na Mara (Me Zo Ganet É Kreiz Er Mor/i Was Born In The Midst Of The Sea)

  24. 24

    Julie Fowlis - Tha Caolas Eadar Mi's Iain

  25. 25

    Julie Fowlis - Tha Mo Ghaol Air Àird A' Chuain

  26. 26

    Julie Fowlis - Thig Am Bàta (The Boat Will Come)

  27. 27

    Julie Fowlis - Turas San Lochmor

  28. 28

    Julie Fowlis - Wind And Rain

Tha Mo Ghaol Air Àird A' Chuain

Julie Fowlis

Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach
'Seinn fo sgàil nan geugan uain'
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh
'S reult cha d' èirich anns an iarmailt
Nuair a sheinn an òigh gu cianail
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"

Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling
'S lùb am braon gu caoin na flùrain
Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh
Beatha 's ùrachd do gach cluan
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos
'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"

Chiar an latha is dheàrrs' na reultan
Sheòl an rè measg neul nan speuran
Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh
'S cha robh dèigh air tàmh no suain
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh
O bu bhinn a caoidhrean brònach
"Tha mo ghaol air àird a' chuain"

Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul

'S i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh
"Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain"
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
"Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt
Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain"

Playlists relacionadas Ver mais playlists

Momentos

O melhor de 3 artistas combinados