1. 1

    Sileas - Ain't No Sunshine

  2. 2

    Sileas - Buain A'choirce

  3. 3

    Sileas - Ca' The Yowes

  4. 4

    Sileas - Cadal Chan Fhaigh Mi

  5. 5

    Sileas - Eppie Morrie

  6. 6

    Sileas - John Anderson My Jo

  7. 7

    Sileas - Laill Leathag

  8. 8

    Sileas - May Colvin

  9. 9

    Sileas - Mile Marbhaisg Air A'ghaol

  10. 10

    Sileas - Oh Wee White Rose

  11. 11

    Sileas - Puirt A Beul

  12. 12

    Sileas - Tha Mulad

  13. 13

    Sileas - Tha Sìor Chaoineadh

  14. 14

    Sileas - Voices

  15. 15

    Sileas - Willie's Fair And Rare

Tha Mulad

Sileas

Tha mulad, tha mulad
Tha lionn-dubh orm fhéin
Hi ri hoireann o
Hi ri hoireann o
Tha do mhingean air m'aire
Ni nach aidich mo bheul
Hi ri ri ri o ho
Ro ho i hoireann o

Mu'n òganach ghasda
Ùr-mharcrach' nan steud
Hi ri hoireann o
Hi ri hoireann o
Chan innsinn dha m'phiuthar
Meud mo chumha as do dhéidh
Hi ri ri ri o ho
Ro ho i hoireann o

No dha'm mhàthair a rug mi
Chuir mi cudtrom 'na ceum
Hi ri hoireann o
Hi ri hoireann o
Tha sac trom air mo chridhe
Nach tog fidheall nan teud
Hi ri ri ri o ho
Ro ho i hoireann o

Ach a Mhaighread nan Cuiread
'S dàn a chuir thu orm breug
Hi ri hoireann o
Hi ri hoireann o
Thilg thu orm mar ailis
Nach b'fhuilear dhomh 'm bréid
Hi ri ri ri o ho
Ro ho i hoireann o

Gu robh leanabh am pasgadh
Fo asna mo chléibh
Hi ri hoireann o
Hi ri hoireann o
C'uim' nach innseadh tu'n fhìrinn
Mar a dh'innsinn ort fhéin
Hi ri ri ri o ho
Ro ho i hoireann o

Cha b'ionann dha m'athair
'S dha t'athair-sa fhéin
Hi ri hoireann o
Hi ri hoireann o
Cha b'ionann dha'n taighean
'N am laighe fo'n ghréin
Hi ri ri ri o ho
Ro ho i hoireann o

'S ann a gheobhte 'n taigh m'athar
Cinn is casan an fhéidh
Hi ri hoireann o
Hi ri hoireann o
'S ann a gheobhte 'n taigh t'athar
Cinn is cnamhan an éisg
Hi ri ri ri o ho
Ro ho i hoireann o

Playlists relacionadas Ver mais playlists

Momentos

O melhor de 3 artistas combinados