O mo rùn Tha an oidhche gheamhraidh reòite 's fuar Na bliadhnaichean dol bhuainn Is bhon chiad là gheall mi dhut Chuir sinn seachad cuairt am bliadhn' Is gach uile gheamhraidh anns a' bhlàths A chailin òg dhan tug mi luaidh Aon earrach ùr
O mo rùn Tha an là a th' ann cho truagh ri gaol Gann tha 'n cridhe nach diùlt Is a' bhòid a mhaireas buan O òigh, àlainn, chiùin Cò eil' air thalamh ghabhadh t-àit' Gun siùbhlainn leat gu cùl na grèin' 'S gu crìoch là
Mo rìbhinn òg Mo rìbhinn donn Gun siùbhlainn leat gu cùl na grèin' Is gu crìoch là
O mo rùn Tha mi mar as àbhaist 's mi nam aon Na mo shuidhe sgrìobhadh dhàn 'S e seo dòigh mo dhaoin' Is molaidh mi do chliù Le òran ceangailt' anns an nòs 'S ged sheasainn air gach uile reul Bhiodh tu os cionn
Mo rìbhinn òg Mo rìbhinn donn 'S ged sheasainn air gach uile reul Bhiodh tu os cionn Mo rìbhinn òg Mo rìbhinn donn 'S ged sheasainn air gach uile reul Bhiodh tu os cionn